A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z #

Runrig lyrics : "Dà Mhìle Bliadhna"

Fo na gealaichean
Air rathad dà mhìle bliadhn'


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Cò chreideadh na dh'fhairich sinn
'S na chunnaic sinn ri ar linn?


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Dh'fhàs am fàsach suas
Far an do chuir sinn sìol ar nàire


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Dìleab mòr nan daoine
An t-acras is am pathadh


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Anns an aineolas
Chàidh ar gàirdeachas air chall


Dà mhìle bliadhna
Air an rathad leathainn mhall


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Tha mi a' dìreadh a' chnuic as àird'
Airson sealladh dhan an talamh
Air cùl a' ghlinne taobh eile thall


Air sràidean baile a-mhaireas
An là nach crìochnaich is nach gluais


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Tro na h-àireamhean
Mar fhàradh thèid sinn suas


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Anns an dealachadh
Atharraichidh sinn an am priobadh sùil


Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan


Submit Corrections