A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z #

Runrig lyrics : "Chì Mi 'n Geamhradh"

Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte

Tha an oidhche a-nochd fuar

Shaoilean fhèin gur ann an-dè

Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh
Fad an fheasgair air an Dun
'S tu laighe leisg ri mo thaobh


'S iomadh oidch' a rinn sinn suirghe
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir'

'S ionadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn
Gum bitheadh tu còmhla ruim gu bràth


Chan fhan a' ghrian fad na bliadhna
Cha sheas an uair mar a tha i
Dh'fhalbh thusa gun a' Cheò

'S dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh

'S iomadh oidch' a rinn sinn suirghe

'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir'
'S ionadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn
Gum bitheadh tu còmhla ruim gu bràth


Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sheachd fada bhuainn

Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche a-nochd fuar

Submit Corrections